Mhorag 's Na Horo Gheallaidh

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

Mhórag Bheag a' chúl dualaich

Gu dé dh'fhág an gruaim air t'aire

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

'G iomain a chruaidh-laoidh gu buaile

'S nach fhaic mi mo luaidh a dh'fhearaibh

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

'G iomain a chruidh-laoidh gu áiridh

'S nach fhaic mi mo ghradh a dh'fhearaibh

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

Suithadaibh luadhaibh an cló

Gu deise phósaidh dha mo leannan

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

Tha té úr am búth an táilleir

'S thig i an diugh na 'maireach dhachaidh

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò

Cha'n eil mo leannan-sa ga h-iarraidh

Tha té liath aige 's té thartáin

Him ò ì og ì ò

A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh

Him ò ì og ì ò