Bonaparte

O gu sunndach mi air m' astar,

Falbh gu siubhlach le bheag airtneul,

Do a chomhrag ri Bonaparte,

'S e bha bagairt air Righ deors'.

Illean chridheil, bitheamaid sunndach,

Seasaibh onoir ur duthcha,

Fhad's a mhaireas luaidh is fudar,

De rud chuireadh curam oirnn?

Chan eil gealtachd nan gnuis-san,

Cha toir iad grunnd do luchd a' bhosd.

Luchd nan osan gearr 's nam feileadh,

Cota sgarlaid orr' mar eideadh;

Gum bu ghasd' iad an am eirigh -

'S iad nach geilleadh an deidh an leon.

Ann am Bruxelles a chaidh innse

Gun robh Frangaich tigh'nn nam miltean:

'S cha bhreug huam gur h-i an fhirinn,

'S iomadh fear bhios sint' gun deo.

Nam biodh againn, mar bu dual dhuinn,

Lann Chinn-Ilich air ar gualainn,

Sgoilteamaid an cinn gun cluasan,

Gam bualadh le smuais nan dorn.