An T-Iarla Diurach

Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu,

Ma's ann 'gam mhealladh as deigh do gheallaidh,

'Se luaidh do mholaidh ni mi gu brath,

Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu.

Righ! gur mise tha gu tursach,

Gaol an iarla 'ga mo chiurradh,

Tha na deoir a'sior-ruith o m' shuilean

'S mo chridhe bruite le guin do ghraidh.

Bha mi raoir leat 'na mo bhruadar

Thall an Diura nam beann fuara,

Bha do phogan mar bhiolair uaine -

Ach dh'fhalbh am bruadar is dh'fhan an cradh.

Thig, a ghaoil, agus duin mo shuilean

'S a' chiste-chaoil far nach dean mi dusgadh,

Cuir a sios mi an duslach Diurach,

Oir 's ann 's an uir a ni mise tamh.