Alasdair Mhic Colla

Alasdair Mhic oho

Cholla ghasda oho

As do laimh-s' gun oho

Earbhainn tapaidh trom eile

Chall eile bho chall a ho ro

Chall eile bho chall a ho ro

Chall eile huraibh i chall a ho ro

's haoi o ho trom eile.

As do laimh-s' gun oho

Earbhainn tapaidh o ho

Mharbhadh Tighearna o ho

Ach-nam-Breac leat trom eile

Dh'adhlacadh an o ho

Uir an loch e o ho

'S ged 's beag mi fhein o ho

Bhuail mi ploc air trom eile

'S ged 's beag mi fhein o ho

Bhuail mi ploc air o ho

Chuala m'in de o ho

Sgeul nach b'ait learn trom eile

Chuala m'in de o ho

Sgeul nach b'ait learn o ho

Glaschu a bhith a ho

Dol 'na lasair trom eile.